Cèistean Cumanta

Ciamar a tha e ag obair?

Bidh sinn a’ cleachdadh seirbheisean geocoder gus na co-chomharraidhean agad a dhearbhadh. Ged nach eil seo an-còmhnaidh foirfe, bu chòir dha bhith gu math faisg air am fior suidheachadh agad. Mura h-eil sibh airson na co-chomharraidhean agad a cho-roinneadh rinn, faodaidh sibh tuairmse fhaighinn air aimsir bailtean mòra na h-Alba le bhtih a’ dèanamh brìog air na ceanglaichean aig bonn na prìomh dhuilleag.

Carson nach urrainn dhomh tuairmse fhaighinn airson baile X?

Bidh Dark Sky a’ cleachdadh co-chomharraidhean airson bailtean a lorg. Tha mi a’ lorg dòigh airson ainmean-àite eadar-theangachadh gu co-chomharraidhean, ach feumaidh an dòigh seo a bhith comasach air ainmean-àite Gàidhlig a thuigsinn.

Cò às a tha an data a’ tighinn?

Bidh sinn a’ faighinn an data againn bhon API Dark Sky. Faodaidh sibh barrachd fhiosrachaidh fhaighinn mu thùsan Dark Sky an seo.

Dè cho ùr sa tha an data?

Bidh data airson an ath uair air ùrachadh gach còig mionaidean. Bidh data airson ro-aithrisean làitheil air ùrachadh gach uair a thìde. Bidh rabhaidhean droch shìde air an ùrachadh sa bhad.

Aonadan-thìde

Tha na aonadan-thìde a’ co-fhreagairt ris na h-amannan na leanas:

  • madainn: 04:00 (4m) gu 12:00 (12f);
  • tràth san fheasgar: 12:00 (12f) gu 17:00 (5f);
  • anmoch san fheasgar: 17:00 (5f) gu 22:00 (10f);
  • a-nochd: 22:00 (10f) gu 04:00 (4m).

Air Ais