Comharra-lìn Android

Ma tha inneal-làimhe Android agad, faodaidh tu Aimsir.info a chur ris an sgrìn-dhachaigh agad le bhith a’ dèanamh na leanas:-

Google Chrome

  1. Fosgail Aimsir.info ann an Google Chrome.

  2. Thoir gnogag air ìomhaigh a’ chlàr-innse.

  3. Lorg am putan “Cuir ris an sgrìn-dhachaigh” agus thoir gnogag air.

  4. Till ris an sgrìn-dhachaigh agad agus bu chòir dhut an comharra-lìn fhaicinn.

Mozilla Firefox

  1. Fosgail Aimsir.info ann am Firefox.

  2. Thoir gnogag air ìomhaigh a’ chlàr-innse.

  3. Thoir gnogag air ìomhaigh an rionnag.

  4. Thoir gnogag air am putan “Roghainnean” a nochdas aig bonn na sgrìn.

  5. Thoir gnogag air “Cuir ris an sgrìn-dhachaigh”.

  6. Till ris an sgrìn-dhachaigh agad agus bu chòir dhut an comharra-lìn fhaicinn.

Am Brabhsair Bunaiteach

  1. Fosgail Aimsir.info anns a’ bhrabhsair bunaiteach.

  2. Thoir gnogag air ìomhaigh a’ chlàr-innse.

  3. Lorg am putan “Cuir ath-ghoirid ris” agus thoir gnogag air.

  4. Till ris an sgrìn-dhachaigh agad agus bu chòir dhut an comharra-lìn fhaicinn.

Air Ais